Bogh Mor






bowmore-opTha baile Seòrasach Bhogh Mhòir  suidhichte air taobh sear Loch na Dàlach, ann  an àrainn am meadhan an eilein.  ‘S e sàr  àite fuirich a th’ ann am Bogh Mòr airson tadhal air a’ phailteas de rudan  gasta, na h-ochd taighean-staile agus seallaidhean-tìre tiomal foirfe.           Stèidhicheadh Bogh Mòr ann an 1768.  B’ e seo a’ chiad baile innlichte ann an Alba agus tha e co-aoiseach le Baile  Ùr Dhùn Èideann.  Tha am baile air a  shuidheachadh air cliath, leis a’ Phrìomh Shràid sa mheadhan. Thèid a’ Phrìomh  Shràid bhon Eaglais Chruinn, seud ailltearachd Bhogh Mhòir, cha mhòr don chidhe  far an tòisich Sràid a’ Chladaich.

Tha An Cuan Leabaidh is Bracaist suidhichte air Sràid MhicSheumais a dhealaicheas bhon Phrìomh Shràid, agus a tha faisg air an Eaglais Chruinn agus taigh-staile ainmeil Bhogh Mhòir. Nì ar suidheachadh meadhanach ann am Bogh Mòr agus Eilean Ìle, An Cuan na shàr àite ‘son rannsachadh an eilein air fad agus ‘son tadhal air na h-ochd taighean-staile ainmeil.

Nuair a bhios bhur n-ùine ann an  Ìle feumach air àite-fuirich fèin-chòcaireachd, faicibh ar làrach-lìn aig www.islayholidaycottage.co.uk ‘son fiosrachadh air ar taigh air màl An Cala,  ann am Port Sgioba, Eilean Ìle.

bowmore2

bowmore